Achd an Aonaidh (1707). Chaidh reachdadh air Achd an Aonaidh[1] (neo Achd Aonadh nam Pàrlamaid) an dà chuid, ann am Pàrlamaid na h-Alba agus ann am Pàrlamaid Shasainn. B’ e èifeachd na h-Achd/nan Achd, cur às don dà Phàrlamaid neo-eisimileach, agus stèidheachadh nan àite Pàrlamaid do “Rioghachd Aonaichte na Breatainne Móire” a bhiodh a’ suidhe ann an Cathair Westminster ann an Lunnainn.