Armadal | |
Sealladh bho Chaisteal Armadail air Armadal | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 57° 3′ 54″ T 5° 53′ 31″ I |
Comharradh-clèithe | |
Feartan fiosaigeach |
Is dòcha gu bheil thu a' lorg Armadail, Lodainn an Iar
'S e baile beag ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach a th' ann an Armadal[1] (Beurla: Armadale). 'S e port-mara airson na h-aiseige a tha ann. An sin tha aiseagan a' dol eadar Armadal agus Malaig le Caledonian Mac a' Bhriuthainn.
Tha bùth coimhearsnachd ann an Armadal anns a bheil oifis a' phuist agus ionad-fiosrachaidh luchd-turais. A bharrachd air sin tha Bùth Tuathanas an Eilein agus garaids ann. Ri taobh a' chidhe tha taigh-bìdh beag leis an ainm "The Shed", bùth leathair agus bùth aodaich. Gheibhear bàta bhon chidhe a bheir luchd-turais a Chnòideart, Eilean Rùm agus cuairtean mara gus beathaichean fhaicinn.
Tha Ionad Clann Dòmhnaill[2] suidhichte ann an Armadal le 40 acair fearann, a' gabhail a-steach gàrradh mòr, caisteal nan Dòmhnallach, taigh-tasgaidh air eachdraidh nan Eilean agus taigh-bìdh. Bidh mòran bhusaichean luchd-turais a' tadhal air an ionad gach bliadhna.
A rèir Iain Mhic an Tàilleir 's e ainm Lochlannais a tha ann an Armadal.[1]