Belisario Betancur Cuartas
ambassador of Colombia (en) Translate


ball Seòmar Riochdairean Choloimbia

20 dhen Iuchar 1951 - 20 dhen Iuchar 1953
ball Seanadh Choloimbia

20 dhen Iuchar 1970 - 20 dhen Iuchar 1978
26. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1982 - 7 dhen Lùnastal 1986
Julio César Turbay Ayala - Virgilio Barco Vargas
Beatha
Breith Amagá, 4 dhen Ghearran 1923
Dùthaich  Coloimbia
 An Spàinn  (3 dhen Lùnastal 2012 -
Bàs Bogotá, 7 dhen Dùbhlachd 2018
Nàdar a’ bhàis  (kidney infection (en) Translate)
Teaghlach
Cèile Rosa Helena Álvarez Yepes (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Universidad Pontificia Bolivariana
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-lagha, neach-naidheachd, neach-poileataigs agus sgrìobhadair
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Acadamh Eòrpach nan Saidheansan is nan Ealan
Academia Mexicana de la Lengua (en) Translate
Acadamh Saidheansan Sòisealta a' Phàpa
North American Academy of the Spanish Language (en) Translate
Club of Rome (en) Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B' e fear-lagha, agus riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann am Belisario Antonio Betancur Cuartas (Amagá, 4 an Gearran 1923 - Bogotá, 7 an Dùbhlachd 2018).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia bho 7 an Lùnastal 1982 gu 7 an Lùnastal 1986.[2] 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineas e.[3] Chaidh e dhan Oilthigh Bholivariana. Phòs e aig Rosa Helena Álvarez Yepes, à Medellín, ann an 1945 agus rug i triùir duine-cloinne dha.[4] Bha ise dìreach 21 bliadhna a dh'aois aig an àm. Chaochail i ann an 1998. Phòs Betancur a-rithist ann an 2000 aig Dalia Rafaela Navarro Palmar.

Thoisich e ann am Poileataigs mar chomhairliche ann an Antioquia eadar 1945 agus 1947.[5] Bha tòrr eòlasan aig san Riaghaltas: bha e na Mhinistear an Fhoghlaim fo Alberto Lleras Camargo fad corra mìos ann an 1960: na mhinistear na h-Obrach fo Ghuillermo León Valencia bho 1962 gu 1963.[6] A bharrachd air sin, chuir e seachad dà bhliadhna thall thairis na thosgaire san Spàinn, bho 1975 gu 1977. B' esan an aon bhall-chruinneachaidh a thug taic do Mhariano Ospina Pérez an aghaidh Ghustavo Rojas Pinilla. Bha e na thagriache neo-oifigeil an aghaidh Mhisael Pastrana Borrero ann an 1970, ach chaill e.

Chaidh Betancur a thaghadh ann an 1982, mu dheireadh thall.[7] B' fheudar dha dèiligeadh ri iomadh dùbhlan nuair a bha e os cionn an Riaghaltais. Ghlac buidheann cheannairceach, air an robh M-19, an àrd-chùirt: Cha do rèitich betancur riutha agus thug e òrdughan dhan Arm: chaochail mòran ann am batal eadar saighdearan agus Reubaltaich.[8] Chaidh còrr is 25,000 duine a mharbhadh nuair a spreadh a' beinn-teine Nevado del Ruiz ann an 1985, a rinn sgrios air Armero: dh'fhàgadh air an Riaghaltas gu robh laigsean mòra anns dòigh a dhèilig iad ris an t-suidheachadh.[9] Dhiùlt esan Cupa na Cruinne a chumail: thuirt e nach b' urrainn do Choloimbia am farpais fhaighinn agus gu robh esan airson an t-airgead a' caitheamh ann an leasachadh na dùthcha. 'S e Colombia an aon dùthaich a dhiùlt am farpais fhaighinn a-riamh.[10]

Ministearan

Iomraidhean

  1. Banrepcultural
  2. Presidencia de Colombia
  3. Genealogía Colombiana
  4. El Tiempo
  5. Asia
  6. Gobernantes Colombianos, Ignacio Arismendi Posada, Interprint Editors Ltd., Italgraf, Segunda Edición, Bogotá, Colombia, 1983
  7. Carrizosa Argáez, Enrique (1990). Linajes y bibliografías de los gobernantes de nuestra Nación 1830-1990. Bogotá: Kelly 958-9004-08-3.
  8. Voltare
  9. Alejandro Reyes Posada, Guerreros y Campesinos, El Despojo de la Tierra en Colombia, Editorial Norma, 2009.
  10. El País