Camanachd Inbhir Aora | |
Spòrs | Camanachd |
Stèidhichte | 1877 |
Suidheachadh | Winterton Park, Inbhir Aora |
Lìg | Roinn Nàiseanta[1] (2016) |
'S e club iomain a th' ann an Camanachd Inbhir Aora.[2] Is iad na far-ainmean Beurla: an taobh Royal Burgh agus na 'Aray Boys'.
Tha an club stèidhichte ann an Inbhir Aora, Earra-Ghàidheal agus Bhòid, Alba. Cluichidh iad ann an lèintean dubha is buidhe agus briogaisean ghoirid dubha is buidhe. Cluichidh iad aig an raon-cluiche Winterton Park.
Tha dà sgioba fir aca. Bidh sgioba a' cluich anns an Roinn Nàiseanta. Tha sgioba glèidhte ann cuideachd a bhios a' cluich ann an Sgìre a Deas Marine Harvest 2.[3]
Stèidhicheadh an club ann an 1877.[3] Thòisich iad a' cluich aig Winterton Park a tha buntainn ri Diùc Earra-Ghàidheal ann an 1878.[3] Ach aig deireadh an seusan 1936, dh'fheumadh iad stad nuair a chaidh an club toirmeasg bho farpaisean fad ochd bliadhnaichean.[3]
As dèidh an Dàrna Cogaidh, dh'aonaich an club le An Fhùirneis (Furnace) fon ainm ùr Taobh Loch Fìne (Loch Fyne-side).
B' e an t-seusan 2000-2001 an t-seusan as soirbheachail dhaibh. Bhuannaich iad na duaisean Cupa Lìg an Roinn Nàiseanta, Cupa a' Chomainn Cheiltich Ghlaschu, Cupa a' Bhaile Mhòir agus an Cupa MhicAmhlaigh. Fhuair iad duaisean cuideachd airson Sgioba na Bliadhna, Còidse na Bliadhna agus Cluicheadair na Bliadhna.[3]
Ràinig iad Cuairt-dheireannach Cupa na Camanachd ann an 2002 ach chaill iad 3-2 an aghaidh Ceann a' Ghiuthsaich. Ann an 2004 an aghaidh An Gearasdan, ged-tà, bhuannaich iad 1-0.[3]
Chluich iad ann am Prìomh-roinn Scottish Hydro gu 2015.
Ann an 1903, chluich Inbhir Aora anns an cuairt dheireannach Cupa na Camanachd an aghaidh Ceann a' Ghiuthsaich. Chluicheadh an geama ann am Peairt agus 's e sgòr co-ionann a bha ann aig deireadh a' gheama. Gus an geama a chluich a-rithist, chuir Comann na Camanachd air dòigh e ach, an turas sin, ann an Inbhir Nis. Dhiùlt Inbhir Aora siubhal an t-astar siud agus thug an Comann an duais gu Ceann a' Ghiuthsaich.[3]
Prìomh-Lìg 2017 | Comann Camanachd Bhaile Ùr an t-Slèibhe | Camanachd an Òbain | Comann Camanachd Cheann Loch Seile | Comann Camanachd Caolas Bhòid | Comann Camanachd Chinn a' Ghiuthsaich | Comann Camanachd Lobhait | Comann Camanachd Ghleann Urchadain | Camanachd Loch Abair | Comann Camanachd Chill Mhàillidh | Comann Camanachd Glaschu Meadhan Earra Ghàidheal |
Roinn Nàiseanta 2017 | Comann Camanachd an Eilein | Comann Camanachd a' Ghearastain | Camanachd Inbhir Aora | Comann Camanachd Cabar Fèidh | Comann Camanachd na Manachainn | Inbhir Nis | Comann Camanachd Ceilteach an Òbain | Srath Ghlais |
Sgìre a Tuath Roinn 1 2017 | Comann Camanachd Bhaile Ùr an t-Slèibhe (glèidhte) | Comann Camanachd na Manachainn (glèidhte) | Comann Camanachd Chinn a' Ghiuthsaich (glèidhte) | Comann Camanachd Cheann Loch Seile (glèidhte) | Comann Camanachd a' Ghearastain (glèidhte) | Comann Camanachd an Eilein (glèidhte) | Comann Camanachd Ghleann Urchadain (glèidhte) | Club Camanachd Oilthigh Obar Dheathain |
Sgìre a Tuath Roinn 2 2017 | Comann Camanachd Loch Abair (glèidhte) | Camanachd Loch Charrain | Comann Camanachd Cabar Fèidh (glèidhte) | Camanachd Loch Abair (glèidhte) | Gleann Gharaidh | Comann Camanachd Chill Mhàilidh (glèidhte) | Camanachd Leòdhais | Comann Camanachd Shrath Spè | Inbhir Nis (glèidhte) | Comann Camanachd Lobhait (glèidhte) | Srath Ghlais (glèidhte) | Both Fhleisginn |
Sgìre a Deas Roinn 1 2017 | Comann Camanachd Obar Dobhair | Camanachd an Òbain (glèidhte) |Kyles Athletic (glèidhte) | Col Glen | Comann Camanachd Taigh an Uillt | Gleann Urachaidh (glèidhte) | Camanachd Bhòid | Baile a' Chaolais | Camanachd Chille Mhoire | Tayforth Camanachd |
Sgìre a Deas Roinn 2 2017 | Comann Camanachd Latharnach an Obain | Comann Camanachd Glaschu Meadhan Earra Ghàidheal (glèidhte) | Camanachd Bhòid (glèidhte) | Comann Camanachd Obar Dobhair (glèidhte) | Comann Camanachd Dhùn Omhain | Camanachd Inbhir Aora (glèidhte) | Srath Chura |
Sgiobaidhean eile | Oilthigh Cill Rìmhinn | Oilthigh Dhùn Èideann | Oilthigh Ghlaschu | Oilthigh Raibeart Gordon | Oilthigh Shrath Chluaidh | Ceann Tìre | Camanachd Uibhist | Camanachd Àird nam Murchan | Comann Camanachd Cheann na Creige | Camanachd Dhùn Èideann is Lodainn an Ear | Comann Camanachd an Airm | Loch Bhraoin | Lorn Ladies | Camanachd Lunnainn | Camanachd anns na Stàitean Aonaichte |