'S e croitear (à croit) neach a tha ag obair ann an sèorsa àiteachais ris an canar croitearachd, fo Achd na Croitearachd (1886).[1] Mar as àbhaist an Alba, bidh croitearan ag obair ann an taobh tuath na dùthcha, gu seach-àraidh ann an Earra-Ghàidheal, Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Rois, Cataibh, Gallaibh, Sealltainn air pìosan beaga fearainn agus iad gu math tric ag obair ann an cosnaidhean eile aig an aon àm, leis cho cugallach ‘s a tha an cuid obrach air an talamh. Cleachdar facal eile (tuathanach) airson neach eile nach eile ag obair fon Achd, seach ann an suidheachadh laghail eadar-dhealaichte.[2]