'S e an Euro (samhla: €; còd-bhancaidh: EUR) an t-airgead oifigeil anns na dùthchannan a leanas den Aonadh Eòrpach[1]: A' Bheilg, Cìopras, an Eadailt, Eastòinia, Éirinn, an Fhraing, a' Ghearmailt, a' Ghrèig, an Laitbhe, Liotuàinia, Lucsamburg, Malta, An Ostair, a' Phortagail, an t-Slòbhac, Sloibhinia, an Spàinn, Suòmaidh, na Tìrean Ìsle,[2][3] Còmhla, 's iad "ceàrn an euro" (Beurla: Eurozone) mar a chanas feadhainn - agus mar sin tha an Euro air a chleachdadh mar airgead airson barrachd air 300 millean neach anns an Roinn Eòrpa. Ma chunntas sinn àitean le airgead ceangailte ris an Euro tha buaidh aige air còrr is 480 millean neach 'san t-saoghal.
Air 1 am Faoilleach 1999, thòisich an euro mar an t-airgead oifigeil ann an aon dùthaich deug.[4]
Cha d' fhuair muinntir an Roinn Eòrpach na notaichean agus buinn-airgid ged-tà gus 1 am Faoilleach 2002.
Tha gach bonn-airgid a' sealltainn taobh Eòrpach:
Tha an taobh eile aig gach dùthaich a bhith sealltainn dealbh sònraichte aca fhèin.
Gabhas a h-uile bonn-airgid a chleachdadh ann an gach fear de na dùthchannan Euro.