RISE | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 2015 |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Neo-eisimeileachd Polasaidhean Uaine Ain-chalpachas Sòisealachd |
Riaghaltas | Às an Riaghaltas a-nis |
'S e caidreachas-taghaidh na làimhe chlì a th' ann an RISE. Chaidh RISE a stèidheachadh aig co-labhairt ann an Glaschu air 29 an Lùnastal 2015[1] airson an taghaigh nàiseanta na h-Alba anns a' Chèitean 2016.[2] Thathar a' gabhail ri meas, neo-eisimeileachd, Sòisealachd agus Àrainneachas (neo Respect, Independence, Socialism, Environmentalism ann am Beurla). 'S ann làidir an aghaidh Chalpachais a tha iad agus tha iad airson poblachd shòisealach a chruthachadh ann an Alba cuideachd. Tha pàrtaidhean ann, mar an SSP, a tha nam buill a' chaidreachais, ged a tha iad nam pàrtaidhean fa leth. Thathar dhen bheachd gu bheil RISE uabhasach coltach ri CUP thall ann an Catalòinia[3] agus Syriza sa Ghrèig.