Robert Koch | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Robert Heinrich Hermann Koch |
Breith | Clausthal (en) , 11 dhen Dùbhlachd 1843 |
Dùthaich |
Rìoghachd Hanòbhair Impireachd na Gearmailte |
Bàs | Baden-Baden, 27 dhen Chèitean 1910 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (greim-cridhe) |
Teaghlach | |
Athair | Hermann Koch |
Màthair | Mathilde Henriette Koch |
Cèile |
Emmy Koch (en) (16 dhen Iuchar 1867 - 1893) Hedwig Koch (en) (1893 - |
Clann | |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Sinnsirean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Göttingen |
Àrd-fhoghlam | dotair nan saidheansan |
Stiùiriche an teusais |
Georg Meissner (en) Rudolf Virchow (en) |
Oileanaich dotaireachd |
Emil von Behring (en) Friedrich August Loeffler (en) Kitasato Shibasaburō (en) August von Wassermann (en) |
Cànain | Gearmailtis |
Oileanaich |
Johannes Fibiger (en) August von Wassermann (en) Alexander Crever Abbott (en) John Addison Fordyce (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | bith-eòlaiche, lighiche, innleachdair, neach togail dhealbhan, neach-teagaisg oilthigh, ceimigear agus military physician (en) |
Àitichean-obrach | German East Africa (en) |
Fastaichean | Oilthigh Humboldt Berlin |
Obraichean comharraichte | Koch's postulates (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh Phruiseach nan Saidheansan Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Comann Rìoghail nan Saidheansan is Litrichean ann an Göteborg Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan Acadamh Fhrangach nan Saidheansan Académie Nationale de Médecine (en) Acadamh Nàiseanta nan Saidheans |
Seirbheis san arm | |
Strì | Cogadh na Frainge 's na Pruise |
Tha Heinrich Hermann Robert Koch (Clausthal, 11 an Dùbhlachd 1843 - Baden-Baden 27 an Cèitean 1910) iomraiteach ann an rannsachadh air bitheagan ghabhaltach, gu h-àraid a thaobh lorg na caitheimh. Ann an 1905 fhuair e an Duais Nobel ann an Leigheas.
Rugadh Robert Koch ann an Clausthal faisg air Hànobhar ann an Sagsainn Ìosail anns a' Ghearmailt air 11mh dhen Dùbhlachd 1843, agus chaidh àrach ann an teaghlach mòr de 13 chloinne. Bha athair Robert ag obair ann am mèinn-ghuail; gidheadh fhuair air Robert a dhol gu Oilthigh Göttingen, agus aig 23 bliadhna a dh'aois bha e na dhotair. An uair sin bha e ag obair ann an àitichean diofraichte air feadh na Gearmailt.
A dh'aindeoin sin, bha faireachdainn aige air cho beag feum is a bha ann gu sabaid an aghaidh nan galaran mòra. Mar eisimpleir: Aig an àm sin bhiodh gach seachdamh daoine anns a’ Ghearmailt a' caochladh leis a' chaitheimh. Mar sin thòisich e air sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na bha ag adhbharachadh a' ghalair seo.
Ach rinn e rudeigin ùr: Dh’ fhàs e bitheagan ann am meadhan-fàis beathachaidh agus dhathaich e le Anilin iad. Mar sin dheth, bha e an comas dha bitheag na sgreaba (Bacillus anthracis/Splenic fever 'sa Bheurla) a chur air leth. Thathas a' cleachdadh nan aiseidean agar agus an t-soitheach Phetri a dh' innlich e fhèin gus an latha an-diugh. Ann an 1876 sgrìobh e lorg agus dòigh-beatha Bacillus anthracis.
B’ e sin an t-adhbhar gun d’ fhuair e obair ùr aig Bòrd na Slàinte ann am Berlin. An seo bha ùine gu leòr aige rannsachadh a dhèanamh agus ann an 1882 fhuair e a-mach mu dheidhinn na bitheag èitigich, (fàth na caitheimh, Mycobacterium tuberculosis). Bha e an comas dha shealltainn gum b' iad na bitheagan a bha rim faicinn anns an fhuil fàth a' ghalair, (nach b' iad dìreach na rudan a thigeadh an cois). Stèidhich e ceithir riaghailtean ris an canar Tagraidhean Koch. Ann an 1885 bha e na cheannard aig Oifis Impireil na Slàinte ann an Oilthigh Bherlin.
Bhiodh e a’ siubhal uaireannan air feadh an t-saoghail, don Eadailt, don Èipheit, do na h-Innseachan, Java agus Gini-Nuadh, agus air feadh Afraga an Ear. Fhuair e a-mach mu dheidhinn a' ghalair-àraidh, (Vibrio cholerae, Cholera 'sa Bheurla), mailèiria agus galaran eile. Ann an 1905, fhuair e Duais Nobel eòlas-leighis. Chaochail e air 27 Cèitean 1910 ann am Baden-Baden, Baden-Württemberg.
Gus an latha a th' ann an-diugh 's e Ionad Robert-Koch an t-ainm a tha air a’ bhòrd-slàinte as chudthromaiche anns a’ Ghearmailt.
Stèidhicheadh Duais agus Bonn Robert Koch gus urram a thoirt air meanbh-bhith-eòlasaichean a th' air rud gu tùr ùr a lorg, no a th' air cur ri slàinte na cruinne ann an dòigh àraid. B' e a' chiad neo-Ghearmailteach a choisinn a' bhuinn an t-àrd-ollamh Bill Hutchison aig Oilthigh Srath Chluaidh ann an Glaschu[1].
1901: von Behring 1902: Ross 1903: Finsen 1904: Pavlov 1905: Koch 1906: Golgi, Ramón y Cajal 1907: Laveran 1908: Mechnikov, Ehrlich 1909: Kocher 1910: Kossel 1911: Gullstrand 1912: Carrel 1913: Richet 1914: Bárány 1915: — 1916: — 1917: — 1918: — 1919: 1920: Krogh 1921: — 1922: Hill, Meyerhof 1923: Banting, Macleod 1924: Einthoven 1925: — 1926: Fibiger 1927: Wagner-Jauregg 1928: Nicolle 1929: Eijkman, Hopkins 1930: Landsteiner 1931: Warburg 1932: Sherrington, Adrian 1933: Morgan 1934: Whipple, Minot, Murphy 1935: Spemann 1936: Dale, Loewi 1937: Szent-Györgyi 1938: Heymans 1939: Domagk 1940: — 1941: — 1942: — 1943: Dam, Doisy 1944: Erlanger, Gasser 1945: Fleming, Chain, Florey 1946: Muller 1947: C. Cori, G. Cori, Houssay 1948: Müller 1949: Hess, Egas Moniz 1950: Hench, Kendall, Reichstein 1951: Theiler 1952: Waksman 1953: Krebs, Lipmann 1954: Enders, Robbins, Weller 1955: Theorell 1956: Cournard, Forssman, Richards 1957: Bovet 1958: Beadle, Tatum, Lederberg 1959: Kornberg, Ochoa 1960: Burnet, Medawar 1961: von Békésy 1962: Crick, Watson, Wilkins 1963: Eccles, Hodgkin, Huxley 1964: Bloch, Lynen 1965: Jacob, Lwoff, Monod 1966: Rous, Huggins 1967: Granit, Hartline, Wald 1968: Holley, Khorana, Nirenberg 1969: Delbrück, Hershey, Luria 1970: Axelrod, von Euler, Katz 1971: Sutherland, 1972: Edelman, Porter 1973: Frisch, Lorenz, Tinbergen 1974: Claude, de Duve, Palade 1975: Baltimore, Dulbecco, Temin 1976: Blumberg, Gajdusek 1977: Guillemin, Schally, Yalow 1978: Arber, Nathans, Smith 1979: Cormack, Hounsfield 1980: Benacerraf, Dausset, Snell 1981: Sperry, Hubel, Wiesel 1982: Bergström, Samuelsson, Vane 1983: McClintock 1984: Jerne, Köhler, Milstein 1985: Brown, Goldstein 1986: Cohen, Levi-Montalcini 1987: Tonegawa 1988: Black, Ellon, Hitchings 1989: Bishop, Varmus 1990: Murray, Thomas 1991: Neher, Sakmann 1992: Fischer, E. Krebs 1993: Roberts, Sharp 1994: Gilman, Rodbell 1995: Lewis, Nüsslein-Volhard, Wieschaus 1996: Doherty, Zinkernagel 1997: Prusiner 1998: Furchgott, Ignarro, Murad 1999: Blobel 2000: Carlsson, Greengard, Kandel 2001: Hartwell, Hunt, Nurse 2002: Brenner, Horvitz, Sulston 2003: Lauterbur, Mansfield 2004: Axel, Buck 2005: Marshall, Warren 2006: Fire, Mello 2007: Capecchi, Evans, Smithies 2008: zur Hausen, Barré-Sinoussi, Montagnier 2009: Blackburn, Greider, Szostak 2010: Edwards 2011: Beutler, Hoffmann, Steinman 2012: Gurdon, Yamanaka 2013: Rothman, Schekman, Südhof 2014: O'Keefe, M.-B. Moser, E. Moser 2015: Campbell, Ōmura, Tu 2016: Ohsumi 2017: Hall, Rosbash, Young 2018: Allison, Honju 2019: Kaelin, Radcliffe, Semenza 2020: Alter, Houghton, Rice 2021: Julius, Patapoutian 2022: Pääbo 2023: Karikó, Weissman |