Sgreapadal a Deas

'S e làrach baile fuadaichte ri taobh an iar anns an Eilean Ratharsair a th' ann an Sgreapadal.

Eachdraidh a' bhaile

Chaidh Sgreapadal fhàsach còmhla ri 11 baile eile eadar 1852 agus 1854, nuair a bha George Rainy na shealbhaiche Ratharsair: Eighre, Suidhisnis, Na Feàrnaibh Iarach, Na Feàrnaibh Uarach, Leac, Hallaig Uarach, Hallaig Iarach, An Caisteal, Sgreapadail a Tuath, Sgreapadail a Deas, Manish agus Doiredomhain.

Sgreapadal ann am bàrdachd

Sgrìobh Somhairle MacGill-Eain an dàn: "Sgreapadal". An toiseach mhol e bòidhchead an àite:

"Sgreapadal a tha cho bòidheach,
a cheart cho bòidheach ri Hallaig."[1]

An uair sin tha e a' toirt dealbh air na thachradh ann an Sgreapadal aig Àm nan Fuadaichean:

"Dh’fhag Rèanaidh Sgreapadal gun daoine,
gun taighean, gun chrodh ach caoraich,..."[2]

Iomraidhean

  1. Sgreapadal
  2. Sgreapadal

Leabhraichean

Ceanglaichean a-mach