Ulbha | |
![]() | |
Fluraichean faisg air Ardalum, ann an Ulbha. | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Innis-mhuir | Muile |
Co-chomharran | 56° 29′ 7″ T 6° 12′ 57″ I |
Comharradh-clèithe | |
Feartan fiosaigeach |
'S e eilean ri taobh Muile a tha ann an Ulbha[1] (Beurla: Ulva). Tha e ann an Earra-Ghàidheal.
Tha eachdraidh fhada aice agus tuineachadh air an eilean a' dol cho fada air ais ri Linn Mheadhanach na Cloiche. Tha seann làrach, Uamh 'icDhuinshleibhe ann far a bheil fuigheall o shitig shligean a' buntainn ri Linn Mheadhanach na Cloiche agus is mathaid na bu shine.
Bha Ulbha air a bhualadh gu cruaidh leis na Fuadaichean, agus an t-uachdar fhèin, fear Clarke, a' gabhail a' ghnothaich fhèin os làimh. B' e Fuadaichean Ulbha aon de na fuadaichean a bu mhiosa a thachair. A rèir cunntas-sluaigh 2011, chan eil ach 11 duine a' fuireach anns an eilean, ged a bha 16 duine a' fuireach ann an Ulbha anns a' bhliadhna 2001.[2]
An dèidh Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn, cheannaich an coimhearsnachd an eilean tron Chompanaidh Coille Coimhearsnachd Taobh Iar-Thuath Mhuile on teaghlach Howard ann an 2018.[3]
Tha Beinn Chreagach a' bheinn as àirde air an eilean. Tha e 313m (1027 troigh) de dh'àirde[4] agus tha e suidhichte ann am meadhan an eilein.
Earra-Ghàidheal | Colla • Colbhasa • Diùra • Gòmastra • Ì Chaluim Chille • Ìle • Lios Mòr • Muile • Orasaigh • Stafa • Tiriodh • Ulbha |
An t-Eilean Sgitheanach | Ìosaigh • Longaigh • Pabaigh • Ratharsair • Rònaigh • An t-Eilean Sgitheanach • Sgalpaigh an t-Sratha • Sòdhaigh |
Na h-Eileanan Tarsainn | Canaigh • Eige • An t-Eilean Gainmhich • Eilean nam Muc • Haoisgeir • Rùm |
Na h-Eileanan Sglèata | Beul na h-Uamha • Eilean Èisdeal • Flada • Luinn • Saoil |
Na h-Eileanan Treisinis | Am Bac Beag • Am Bac Mòr • Flada, Treisinis • Lunga |