Warszawa
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | a' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Masovia | ||||
Co-chomharran | 52° 15′ Tuath 21° 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 517.24 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,726,581 (2014) | ||||
Dlùths | 3,338.07/km² | ||||
Àireamh fòn | (+48) 022 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.um.warszawa.pl |
Tha Warszawa (IPA: /varˈʃava/, Beurla: Warsaw, Gearmailtis: Warschau, Liotuànais: Varšuva, Latbhais: Varšava, Fraingis: Varsovie) na phrìomh-bhaile den Phòlainn. Anns a' bhliadhna 2014 bha 1,726,581 duine a' fuireach ann. Tha Warszawa 155km air falbh bho Lublin, 118km bho Łódź, 252km bho Kraków agus 280km bho Gdańsk.[1]
Chaidh an Còrdadh Càirdeis, Co-obrachaidh agus Cuideachaidh a-rèir a Chèile a chur air dòigh an seo air 14 an Cèitean 1955.
B' e Warszawa a' chiad bhaile a bhuail na Nàsach le bomaichean anns an Darna Cogadh. Thug iad ionnsaigh air a' bhaile air 1 an t-Sultain 1939. Fad mios, bha sèist air a' bhaile. Aig a' cheann thall air 1 an Damhair, choisich na Nasi a-staigh dhan bhaile.[3] Thug na Nàsaich na rudan luachmhor on Chaisteal Rìoghail mar dealbhan agus mhill iad an Caisteal.[4]
Le Warszawa fo smachd, thòisich na Nàsaich ag obair air 'an trioblaid Iudhach'. Chruthaich iad sgìrean dhen bhaile a bhiodh mar phrìosan mòr dha na h-Iudhaich, na ghetto. B' e a' ghetto Warszawa am fear as motha.[5] Eadar 22 an t-Iuchar agus 3 an Damhair 1942, ghluaiseadh 300,000 daoine bhon ghetto gu campaichean bhàis, mar an tric na campaichean ann Majdanek agus Treblinka. Ann an 1943, bha ar-a-mach anns a' ghetto ach chuir na Nazi às e air 16 an Cèitean 1943.[6]
Air 1 an Lùnastal 1944, thòisich ar-a-mach ann an Warszawa air fad an aghaidh Nàsachd. Mhair an ar-a-mach seo 63 làithean.[7]